An e Dia as Coireach Airson Ar Fulangas?
Freagairt a’ Bhìobaill
Tha am Bìoball a’ freagairt chan eil! Cha b’ e fulangas plana Dhè airson mac an duine. Ach dhiùlt a chiad fhear agus boireannach riaghladh Dhè agus thagh iad dhaibh fhèin dè tha ceart agus ceàrr. Thionndaidh iad air falbh bho Dhia agus air sgàth sin dh’fhuiling iad a’ bhuaidh.
An-diugh tha sinn a’ faireachdainn a’ bhuaidh den droch roghainn aca. Ach gu dearbh, cha tàinig fulangas bho Dhia.
Tha am Bìoball ag ràdh: “Na canadh neach sam bith nuair a tha e air a bhuaireadh, ‘Tha mi air mo bhuaireadh le Dia,’ air sgàth ’s nach urrainn do Dhia a bhith air a bhuaireadh le olc agus nach buair e fhèin neach sam bith.” (Sheumais 1:13) Faodaidh fulangas dragh a chur air neach sam bith—fiù’s an fheadhainn a tha dlùth ri Dia.