LEASAN 8
Carson a Leigeil Dia Fulang agus Olc a Tachairt?
1. Ciamar a thòisich olc bho thùs?
Thòisich olc nuair a dh’innis Sàtan a’ chiad bhreug. Bho thùs bha Sàtan aingeal foirfe, ach “cha sheas e anns an fhìrinn.” (Eòin 8:44) Dh’fhàs am miann aig Sàtan airson adhraidh am bu chòir a’ dol do Dhia a-mhàin. Dh’innis Sàtan breug dhan a’ chiad bhoireannach is dh’impich e Eubha adhradh a dhèanamh dhasan an àite Dhè. An uair sin bha Adhamh neo-umhail còmhla rithe. Bha fulang agus bàs an toradh den taghadh aig Adhamh.—Leugh Genesis 3:1-6, 19.
Thòisich Sàtan ar-a-mach nuair a mhol e do dh’Eubha a bhith eas-umhail. Bha e an aghaidh riaghlaidh Dhè, an Tì as Àirde. Tha a’ mhòr chuid de dhaoine còmhla ri Sàtan ann an diùltadh do Dhia, am fìor riaghladair aca. Mar sin, tha Sàtan “riaghladair an t-saoghail seo.”—Leugh Eòin 14:30; 1 Eòin 5:19.
2. Nach robh an cruthachadh aig Dia coileanta?
Tha a h-uile sìon aig Dia coileanta. Bha mac an duine agus na h-ainglean a chruthaich Dia comasach a bhith umhail ri Dia gu h-iomlan. (Deuteronomi 32:4, 5) Chruthaich Dia daoine le saorsa. Faodaidh sinn taghadh rudan math no olc a dhèanamh. Mar sin, tha cothrom againn gràdh a’ sealltainn do Dhia.—Leugh Sheumais 1:13-15; 1 Eòin 5:3.
3. Carson a leig Dia fulang a tachairt gu ruige seo?
Leig Iehòbha ar a-mach a tachairt an aghaidh an uachdaranachd aige airson ùine goirid. Carson? Gus sealltainn nach bi oidhirp a’ riaghladh as aonais Iehòbha ag obair. (Eclesiastes 7:29; 8:9) As dèidh 6,000 bliadhnaichean, tha am fianais soilleir. Chan urrain do riaghladairean a chur às cogaidhean, eucoir, mi-cheartas no tinneas.—Leugh Ieremiah 10:23; Ròmanaich 9:17.
Isaiah 48:17, 18) A dh’aithgheàrr cuiridh Iehòbha a h-uile riaghaltas aig mac an duine gu crìoch. Bidh dìreach iad a’ thaghadh an riaghlaidh aig Dia air fhàgail air an talamh.—Isaiah 11:9.—Leugh Daniel 2:44.
Neo-coltach ri riaghladh mac an duine, gheibh daoine a tha gabhail ris an riaghlaidh Dhè beannachdan. (Seall air a’ bhideo Carson a tha Dia a’ Leigeil Fulang a’ Tachairt?
4. Dè cothrom a th’ againn air sgàth foighidinne Dhè?
Thuirt Sàtan nach bi daoine umhail do Iehòbha le gaol neo-fhèineil. A’ bheil thu ag iarraidh a dearbhadh gu bheil a’ bhreug sin ceàrr? Is urrainn dhut! Le foighidinn Dhè faodaidh sinn uile a sealltainn gum bu chaomh linn riaghladh le Dia no mac an duine. Tha sinn a’ sealltainn an taghadh againn leis a dhòigh a tha sinn a’ fuireach.—Leugh Iob 1:8-12; Gnàth-fhacail 27:11.
5. Ciamar a taghadh sinn gum bi Dia ar Riaghladair?
Faodaidh sinn a taghadh gum bi Dia ar Riaghladair le dhèanamh adhradh fìor stèidhichte air Am Facal Dhè, am Bìoball. (Eòin 4:23) Is urrainn dhuinn a dhiùltadh Sàtan mar riaghladair againn le cumail a-mach a poileataigs is cogaidhean mar a rinn Ìosa.—Leugh Eòin 17:14.
Bidh Sàtan a’ cleachdadh a chumhachd aige airson sealltain gu bheil rudan mì-mhoralta agus droch rudan a’ coimhead math. Nuair a dhiùltadh sinn na rudan seo, ’s docha gum bidh caraidean is càirdean ri fealla-dhà oirnn agus nar aghaidh. (1 Peadar 4:3, 4) Mar sin, tha taghadh againn. Am bi sinn an còmhnaidh còmhla ri daoine aig a bheil gràdh air Dia? Am bi sinn umhail dhan laghan gràidheil is glic aige? Ma nì sinn sin, dearbhaidh sinn gun robh Sàtan na breugaire nuair a thuirt e nach dèan duine sam bith dè tha Dia ag iarraidh, fiù ’s fo chuideam.—Leugh 1 Corintianaich 6:9, 10; 15:33.
Tha an gràdh Dhè a’ dearbhadh dhuinn gun tig fulang is olc gu crìoch. Bidh an fheadhainn leis an creideamh ann an seo beò air an talamh le aoibhneas gu bràth tuilleadh.—Leugh Eòin 3:16.