Cò tha Rìgh na Rìoghachd Dhè?
Stiùirich Dia sgrìobhadairean a’ Bhìobaill fiosrachadh a sgrìobhadh sìos mu am fear a bhios Riaghladair na Rìoghachd Dhè. Bidh an Riaghladair seo
-
Taghta le Dia. “Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh . . . Bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh.”—Salm 2:6, 8.
-
Oighre Rìgh Daibhaidh. “Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac . . . Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air catha rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a-chum a daingneachadh agus a socrachadh.”—Isaiah 9:6, 7.
-
Rugadh ann am Betlehem.“Agus thusa, a Bhetlehem . . . thig a-mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran . . . oir a-nis bidh esan mòr gu ruig crìochan na talmhainn.”—Micah 5:2, 4.
-
Air a dhiùltadh le daoine is thug gu bàs. “Tha e air a dhìmeas . . . , agus chan eil suim againn dheth . . . Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan.”—Isaiah 53:3, 5.
-
Air a thogadh bho bàs agus glòireachadh. “Oir chan fhàg thu m’anam anns an uaigh; cha leig thu led aon naomh truaillidheachd fhaicinn . . . tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh.”—Salm 16:10, 11.
Ìosa Crìost Le Teisteanas as Fheàrr
Troimh eachdraidh mac an duine, tha dìreach aon fhear a bhith ann a tha fiotadh na buadhan de riaghladair as fheàrr, ’s e am fear sin Ìosa Crìost. Gu dearbh, dh’innis aingeal gu Mhoire: “Bheir an Tighearna Dia rìgh-chathair athar, Daibhidh, dha . . . agus air a rìoghachd cha bhi crìoch.”—Lùcas 1:31-33.
Ach cha robh Ìosa a-riamh na Rìgh air na talmhainn. An àite, riaghlaidh e tharais air mac an duine mar Rìgh na Rìoghachd Dhè anns na nèamhan. Carson am biodh e an riaghladair as fheàrr? Smaoinich mu dè rinn e nuair a bha e air an talamh.
-
Mata 9:36; Marcus 10:16) Thàinig lobhar thuige, a’ guidhe air: “Mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.” Bha Ìosa air lìonadh le truas agus shlànaich e an lobhar.—Marcus 1:40-42.
Bha cùram aig Ìosa airson dhaoine. Chuidich Ìosa fir is boireannaich, òg is aosda, beairteach no bochd ge be cò às a bha iad. ( -
Theagaisg Ìosa dè nì sinn gum biodh Dia toilichte. Thuirt e: “Chan urrainn dhuibh seirbheis a dhèanamh do Dhia agus do bheairteas.” Cuideachd thuirt e: “a h-uile rud a bu toigh leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se dhaibhsan cuideachd.” A bharrachd, sheall e dhuinn gu bheil ùidh aig Dia annainn, fiù’s ar smuaintean is ciamar a tha sinn a’ faireachdainn, chan e dìreach ar gnìomhan. Airson Dia a bhith toilichte leinn, feumaidh cùram a bhith againn air na faireachdainnean nar cridhe. (Mata 5:28; 6:24; 7:12) Chuir Ìosa cuideam air a’ phuing seo, gum bi sinn toilichte gu fìrinneach, feumaidh sinn ag ionnsachadh dè tha Dia ag iarraidh oirnn agus ga dhèanamh.—Lùcas 11:28.
-
Theagaisg Ìosa ciamar am bu chòir dhuinn gràdh a sealltainn. Bha na faclan agus gnìomhan aig Ìosa neartmhor is làn faireachdainn agus bha buaidh mhòr aige air cridheachan an luchd-èisteachd. “Ghabh na slòigh iongnadh ri theagasg-san, oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh ùghdarras.” (Mata 7:28, 29) Theagaisg e dhaibh: “Gràdhaichibh ur nàimhdean” agus fiù’s rinn e ùrnaigh airson iad a bha coireach san bàs aige: “Athair, thoir mathanas dhaibh, oir chan aithne dhaibh dè tha iad a’ dèanamh.”—Mata 5:44; Lùcas 23:34.
Tha Ìosa Teisteanaichte gu foirfe, gum bi e Riaghladair an t-saoghal èifeachdach a tha cuideachail is coibhneil. Ach cuin a thoisicheas an Riaghladh aige?