ÒRAN 135
An Tagradh Cridheil Iehòbha: “Bi Glic, a Mhic”
-
1. Fear òg is tè òige,
o lìon mo chridhe làn.
Am Fear a bheir masladh
bidh freagradh dha a-mhàin.
Mar dùsgadh as t-Earrach,
èirigh is bitheadh treun;
A’ sgaoileadh an dòchas,
an-diugh, le do thoil fhèin.
(SEIST)
Nad chumail suas, nì mise cobhair;
Bi glic is lìonadh mo chridhe.
Mar neamhnaid luachmhor—a tha thu,
Bidh dìleas ’s na làithean d’ òige.
-
2. Dèan gàirdeachas nise do
Dhia le d’ uile chridh’
Cùm ort air an t-slighe
gun lorg thu na sìth.
Ged thuiteas tu sìos
no feum air brosnachadh,
O gabhaidh mi greim ort,
air seo nì meòrachadh.
(SEIST)
Nad chumail suas, nì mise cobhair;
Bi glic is lìonadh mo chridhe.
Mar neamhnaid luachmhor—a tha thu,
Bidh dìleas ’s na làithean d’ òige.
(Faic cuideachd Deut. 6:5; Eccl. 11:9; Isa. 41:13.)