Am Bi nam Mairbh Beò A-rithist Gun Teagamh?
An canadh tu . . .
-
bithidh?
-
cha bhi?
-
is dòcha gum bi?
THA AM BÌOBALL AG RÀDH
“Gum bi aiseirigh ann” airson nam mairbh.—Gnìomhan 24:15, An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr 2017.
THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT
Cofhurtachd nuair a’ bhàsaicheas ar luchd-gràidh.—2 Corintianaich 1:3, 4.
Saorsa bhon eagal a’ bhàis.—Eabhraidhich 2:15.
Fìor dhòchais gun till ar luchd-gràidh air ais thugainn.—Eòin 5:28, 29.
AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?
Creididh, airson co-dhiù trì adhbharan:
-
’S e Dia an Cruithear na beatha. Tha Am Bìoball ag ràdh gur e Dia Iehòbha “tobar na beatha.” (Salm 36:9; Gnìomhan 17:24, 25) ’S e Dia a thug beatha don a h-uile creutair a bha riamh beò agus tha e glè chomasach air beatha thoirt air ais do cuideigin a bhàsaich.
-
As an àm a chaidh seachad thug Dia aiseirigh do dhaoine. Dh’innis a’ Bhìoball mu ochd tursan far an do thill daoine marbh beò—òg ’s aosta, fireann ’s boireann—air ais air an talamh. Feadhainn bha marbh greiseag bheag, ach aon dhiubh bha marbh san uaigh ceithir latha!—Eòin 11:39-44.
-
’S e miann Dhè sin a dhèanamh a-rithist. Tha gràin aig Iehòbha air a bhàs; tha e ga fhaicinn mar nàmhaid. (1 Corintianaich 15:26) Tha “dèidh” aige cuir às bhàs troimh an aiseirigh. ’S e a mhiann an fheadhainn a tha na chuimhne aige thoirt air ais beò is bhi gan faicinn air an talamh a-rithist.—Iob 14:14, 15, Am Bìoball Gàidhlig 1992.
SMAOINICH AIR
Carson a thig an aois agus am bàs oirnn?
Tha Am Bìoball a’ freagairt sin aig GENESIS 3:17-19 agus RÒMANAICH 5:12.